Glac na tha air bòrd-geal, sleamhnag no sgrìobhainn gu luath. Bearraidh OneNote dhut e 's cuiridh e air feabhas e airson 's gum bi e nas fhasa ri leughadh. Aithnichidh sinn teacsa a sgrìobh thu ann cuideachd ach an urrainn dhut lorg a dhèanamh air a shon às a dhèidh seo.
Tarraing an diagram a tha air a' bhòrd le staidhleas. Sgrìobh na nòtaichean agad de làimh ma tha sin nas nàdarra dhut.
Na sgrìobh sìos an òraid facal air an fhacal, dìreach na rudan cudromach. Ceanglaidh OneNote na nòtaichean agad ris an fhuaim airson 's gun urrainn dhut leumaidh ris na chaidh a ràdh ann nuair a chruthaicheas tu nòta.
Chaidh OneNote a dhealbhadh airson gum biodh e luath is sùbailte do sgrìobhadh, liostaichean is clàran. Na gabh dragh mun cho-dhealbhachd, 's urrainn dhut sgrìobhadh àite sam bith air an duilleag.
Ma tha am post-d aca agad, 's urrainn dhut a cho-roinneadh leotha. Tha e furasta toiseach-tòiseachaidh a dhèanamh.
Ge b' ann san aon seòmar no ann an àitichean air feadh na h-àrainne, dèan co-obrachadh ann am fìor-àm. Aithnichidh tu air na comharran cò tha a' deasachadh dè.
Sa chlas, nad sheòmar, ann an coimiutair-lann no bùth cofaidh, 's urrainn dhut co-obrachadh o àite sam bith air uidheam sam bith. Nì OneNote sioncronachadh gu fèin-obrachail airson gach rud a chlàradh dhut, fiù ma thèid cuideigin far loidhne.
Tha rannsachadh-lìn air leth cudromach sa mhòrchuid de phròiseactan. Glac duilleag-lìn sam bith le aon bhriogadh sa bhrabhsair agad. Cuir nòtaichean ris an duilleag ann an OneNote.
Cum sleamhnagan is bileagan òraidean còmhla ris na nòtaichean agad. Cruthaich nòtaichean orra no ri an taobh 's tu a' taidhpeadh no a' sgrìobhadh ann le staidhleas.
Sgrìobh air dealbhan no duilleagan clò-bhuailte. Cleachd nòtaichean steigeach airson rian a chumail air do smuaintean. Cuir beachdan ann 's tu a' sgrìobhadh sna h-oirean.
Sgioblachadh no càrnadh? An dà rud air OneNote. Cum rian air na nòtaichean is pròiseactan agad le leabhraichean-nòtaichean is earrannan. Faigh greim air teacsa a thaidhp thu, a bhearr thu no a sgrìobh thu.