Gluais o Evernote gu OneNote
Air do shocair, ion-phortaichidh sinn na nòtaichean agad dhut.
Tha sinn toilichte gu bheil thu a’ beachdachadh air gluasad gu OneNote. On a tha e na phàirt dhen teaghlach Office, gheibh thu mion-eòlas air OneNote sa bhad.
Tionndadh ro-sheallaidh (Beurla a-mhàin)
Dha PCan le Windows 7 no tionndadh nas ùire agus OS X El Capitan 10.11 no tionndadh nas ùire
An aire: Cha bhi am bathar-bog seo ri luchdadh a-nuas tuilleadh on 1ad dhen t-Sultain 2022.
Cruthaich san dòigh agad fhèin
Sgrìobh no taidhp àite sam bith, dèan cliopaichean on lìon no cuir susbaint ris o na sgrìobhainnean Office agad.
Obraich còmhla
Cuir cruth air beachdan le sgioba no planaig biadh le do theaghlach. Fuirich air an aon duilleag agus sioncronaichte.
Smaoinich le inc
Sgrochail nòtaichean a làimh. Innis do bheachdan le cruthan is dathan.
OneNote agus Evernote. Dè an diofar?
Tha OneNote agus Evernote glè choltach ri chèile, ach saoilidh sinn gun còrdadh na sàr-fheartan aig OneNote riut. Fiosraich gu bheil e a’ faireachdainn saor mar pheann ’s pàipear. Gheibh thu cuideachd inntrigeadh dha na nòtaichean far loidhne agus cruthachadh nòtaichean gun chrìoch an-asgaidh.

OneNote Evernote
Ri fhaighinn air Windows, Mac, iOS, Android is air an lìon
Sioncronaich nòtaichean air feadh nan uidheaman agad Dà uidheam air a’ char as motha airson Evernote Basic. Feumaidh tu Evernote Plus no premium airson sioncronachadh air feadh nan uidheaman agad a dhèanamh.
Inntrigeadh far loidhne dha na nòtaichean air fòn-làimhe Feumar Evernote Plus no premium
Luchdadh suas mìosail gun chrìoch 60 MB/mìos (saor an-asgaidh)
1 GB/mìos (Evernote Plus)
Sgrìobh àite sam bith air an duilleag leis a’ chanabhas saor
Co-roinn susbaint le daoine eile
Bearr susbaint on lìon
Sàbhail puist-d sna nòtaichean agad Feumar Evernote Plus no premium
Cruthaich cairtean-gnìomhachais digiteach Feumar Evernote premium
Tha Evernote na chomharra-malairt aig Evernote Corporation