Com-pàirtichean foghlam OneNote

Blackbaud
Tha sinne aig Blackbaud a’ tuigsinn na dùbhlain a tha mu choinneamh sgoiltean an-diugh agus is ann againn fhìn a tha fuasgladh do sgoiltean a bheir comas, aig an aon àm, do dh’oileanaich sùil a thoirt air na tha de dh’obair-dhachaigh aca, do thidsearan toraidhean measaidh a chlàradh, do phàrantan bile a phàigheadh, do luchd-obrach na sgoile a bhith ri rianachd agus mòran a bharrachd, gach rud air an aon siostam làn-cheangailte ùr-nòsach san neul.
Blackboard
’S e am misean aig Blackboard a bhith na chom-pàirtiche do choimhearsnachd eadar-nàiseanta an fhoghlaim a dhèanamh soirbheas luchd-ionnsachaidh is bhuidhnean agus a bhrosnachadh teicneolasan is seirbheisean ùr-ghnàthach. Le tuigse gun a leithid de shaoghal an neach-ionnsachaidh, na fuasglaidhean as iomlaine airson soirbheas oileanach agus an comas ùr-ghnàthachais as motha, ’s e Blackboard an com-pàirtiche atharrachaidh do shaoghal an fhoghlaim.
Brightspace
Chaidh Brightspace, a’ chiad ùrlar ionnsachaidh fìor-amalaichte san t-saoghal, a chruthachadh le D2L a tha na chionnan-crò am measg teicneolas foghlaim. Tha an t-ùrlar fosgailte so-leudaichte aig D2L ga chleachdadh le barrachd air 1,100 cliant agus cha mhòr 15 millean neach-ionnsachaidh ann an àrd-fhoghlam, seirbheisean slàinte, bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean, riaghaltasan is san raon enterprise. Tha am bathar aca ag co-obrachadh gun duilgheadas le Office 365, Outlook, OneDrive, Mix agus OneNote.
Canvas
’S e Canvas an t-ùrlar ionnsachaidh as fhearr a thaobh cleachdaidh, gnàthachaidh is seasmhachd is e ag obair 99.9% dhen ùine. Thionndaidh daoine thuige-san is tha e ga chleachdadh air barrachd dhòighean is le barrachd dhaoine na LMS sam bith eile. Feuch mar a tha Canvas a’ dèanamh teagasg is ionnsachadh nas fhasa dhan a h-uile duine.
itslearning
Gheibh thu LMS k12 an-seo aig cridhe an fhoghlaim a tha cho tlachdmhor ri chleachdadh ’s a ghabhas. Tha e cho tapaidh ’s nach creideadh tu e ann a bhith a’ riarachadh goireasan foghlaim do gach oileanach a-rèir nam bun-tomhasan. Agus tha e cho brosnachail ’s gum bi foghlam is teagasg na thlachd a-rithist.
LoveMySkool
Tha LoveMySkool a’ toirt comas do luchd-teagaisg air feadh an t-saoghail a dhol an ceann nan oileanach. Leis na gleusan air leth adhartach aige, tha e am measg nan siostaman stiùireadh ionnsachaidh as fheàrr.
Moodle
’S e Moodle an t-ùrlar ionnsachaidh as cumanta san t-saoghal a tha stèidhichte air còd fosgailte agus a tha ga chleachdadh ann an sgoiltean, oilthighean, àitichean-obrach agus raointean eile air feadh an t-saoghail ann am barrachd air 100 cànan. Leis gu bheil raon de dh’acainnean so-ghnàthaichte do thidsearan, rianairean is oileanaich aige, a’ gabhail a-staigh co-aplacaidean làidir airson uidheaman mobile, gabhaidh a chleachdadh ann an iomadh suidheachadh eadar trèanadh structaraichte agus co-obrachadh fosgailte, air loidhne no ann an suidheachadh measgaichte.
NEO By Cypher Learning
Tha NEO na siostam stiùireadh ionnsachaidh (LMS) a nì e furasta nàdar de ghnìomhachd ionnsachaidh sam bith a chruthachadh is a stiùireadh, ge be clasaichean air loidhne a tha annta, measadh oileanach, leasachadh co-obrachaidh no tracadh coileanaidh.
Sakai
Tha pailteas de dh’innealan cumhachdach is sùbailte aig Sakai a nì sàr-theagasg, ionnsachadh drùidhteach is co-obrachadh innsgineach furasta.
School Bytes
’S urrainn do thidsearan obair-sgoile a chruthachadh ⁊ a mheasadh san LMS School Bytes slighe tuilleadan leabhar-nòtaichean clas OneNote agus foillsichidh seo atharrachadh sam bith air ais dha School Bytes gu fèin-obrachail agus leis a sin, cha bhi feum air dàta a chur a-steach de làimh ann. Còmhla ris an t-sàr-amaladh le Microsoft Office Online, bidh cothrom aig tidsearan ⁊ sgoilearan air Office 365 aonaichte is làn de ghleusan.
Schoology
’S e Schoology an companaidh teicneolas foghlaim a tha a’ cur co-obrachadh an teis-mheadhan foghlaim. Tha neul an fhoghlaim aig Schoology a’ ceangal daoine, susbaint is siostaman a chuireas spionnadh san fhoghlam agus a sholaireas na h-innealan air a bheil feum gus dreach pearsanta a chur air foghlam is coileanadh nan sgoilearan a leasachadh. Tha barrachd air 12 millean daoine o 60,000 bun-sgoil is àrd-sgoil is oilthigh o fheadh an t-saoghail a’ cleachdadh Schoology gus na dòighean teagaisg is ionnsachaidh aca atharrachadh gu tur.