Aplacaidean brosnaichte
Faigh barrachd buannachd à OneNote leis na h-aplacaidean 's uidheaman seo.
Brother Web Connection
's urrainn dhan inneal Brother (sganair MFP/Document) agad delabhan a sganadh `s an luchdadh suas gu OneNote agus OneDrive sa bhad gun fheum air PC.
Chegg
'S urrainn dha na h-oileanaich na freagairtean cudromach a fhuair iad o Chegg Study Q&A airson na obrach-dachaigh aca a shàbhaladh ann an OneNote. Tha e furasta leis a' phutan "Bearr e" ann an OneNote. Uaithe sin, gabhaidh do fhreagairtean a chur an òrdugh a-rèir cuspair, clas no obrach agus is urrainnear lorg a dhèanamh nam measg ann an OneNote. Cruthaich an treòir ionnsachaidh as fhearr a-riamh is cuir ri làimh do cho-oileanaich e.
cloudHQ
Fill a-steach na nòtaichean OneNote agad le cloudHQ. Sioncronaich na leabhraichean-nòtaichean agad le seirbheisean neòil cumanta eile mar Salesforce, Evernote is Dropbox. Dèan co-obrachadh gun duilgheadas, sgaoil do bheachd-smuaintean ann an aplacaid sam bith is sioncronaich iad gu fèin-obrachail air ais gu OneNote. Gabhaidh lethbhreac-glèidhidh dhe na leabhraichean-nòtaichean OneNote agad a chur air seirbheisean neòil eile mar bharantas air eagal ’s gun sguab thu às iad air mhearachd.
Newton
Sàbhail puist-d chudromach ann an OneNote le briogadh ’s tu a’ cleachdadh Newton. Ge-be cuidhteas, reasabaidh no post-d cudromach o chustamair a tha ann, cumaidh Newton airson OneNote rian air a h-uile rud.
Docs.com
Bheir Docs.com comas do dhaoine nòtaichean no goireasan teagaisg a sgaoileadh slighe leabhraichean-nòtaichean OneNote. Chì luchd-teagaisg is sgoilearan air feadh an t-saoghail an leabhar-nòtaichean OneNote agad agus bidh comas aca ath-chleachdadh, rud a dh’àrdaicheas fhèillmhorachd is a bhuaidh sa choimhearsnachd.
Doxie Mobile Scanners
'S e seòrsa ùr de sganair pàipeir a tha sa Doxie aig a bheil bataraidh a ghabhas a theairrds a lìonadh ach an urrainn dhut sgrìobhainnean a sganadh àite sam bith - cha bhi coimpiutair riatanach. Cha leig thu leas ach a bhataraidh a lìonadh 's a chur air ge b' e càite a bheil thu - cuir am pàipear, na cuidhteasan 's na dealbhan agad a-steach gus an sganadh, an cur san tasglann 's an co-roinneadh. Nì Doxie sganadh àite sam bith is an uairsin nì e co-shioncronachadh le OneNote ach am faigh thu cothrom air gach sgrìobhainn a sganaich thu air gach uidheam agad
EDUonGo
Bheir EDUonGo comas do dhuine sam bith acadamaidh no cùrsa air loidhne a stèidheachadh ann am beagan mhionaidean. Tha e furasta do dh’oileanaich EDUonGo leasanan às-phortadh dha na notebooks aca fhèin. Bidh e nas fhasa dhaibh leis a sin nòtaichean a chumail is a cho-roinneadh le càch. ’S urrainn dhaibh cuideachd ceangal ris na cunntasan OneDrive aca. Mar thidsear, bidh cothrom agad videothan à Office Mix fhilleadh a-steach dha na leasanan agad.
Cuir post-d gu OneNote
Glac na tha cudromach dhut fhad 's a bhios tu a' siubhal is cuir dhan leabhar-nòtaichean agad sa bhad e air a' phost-d! Cuir sgrìobhainnean, nòtaichean, clàran-siubhail 's mòran a bharrachd gu me@onenote.com agus cuiridh sinn san leabhar-nòtaichean OneNote agad iad far am faigh thu cothrom orra air gach uidheam agad.
Epson Document Capture Pro
Le Document Capture Pro, tha e furasta dhut sgrìobhainnean a sganadh, duilleagan a dheasachadh, faidhlichean a shàbhaladh agus dàta a thar-chur gu na h-aplacaidean a chaidh a sganadh le sganair Epson mar Workforce® DS-30, DS-510, DS-560 agus eile. Agus barrachd air sin, 's urrainn dhan luchd-cleachdaidh sganadh gu OneNote le aon shuathadh ach am faigh iad cothrom air sgrìobhainnean o iomadh uidheam no gus an co-roinneadh le càch.
eQuil Smartpen2 & Smartmarker
Sgrìobh na nòtaichean air uachdar sam bith ’s chuir dha OneNote iad le bhith a’ cleachdadh eQuil Smartpen2 agus Smartmarker a nì uachdar tapaidh de dh’uachdar sam bith. An dòigh nàdarra airson do shàr-smuaintean a ghlacadh.
Feedly
Nì Feedly ceangal eadar an luchd-leughaidh 's na sgeulachdan 's am fiosrachadh a tha cudromach dhaibh. Cleachd Feedly ach an lorg 's an lean thu air sàr-shusbaint 's ach an sàbhail thu na h-artagailean as fhearr gu OneNote sa bhad le briogadh a-mhàin.
Paper is Pencil le FiftyThree
Cuir Pencil ri Paper leis na beachd-smuaintean agad is an uairsin gabh ceum air adhart le OneNote. Sgrìobh is tarraing leis a’ phongalachd is fhuasgailteachd leasaichte chliùiteach aid Pencil is ma nì thu mearachd, cha leig thu leas ach flip a thoirt dhen staidhleas ’s a sguabadh às ann an dòigh nàdarra – a h-uile rud ann an OneNote fhèin. Gabh nòtaichean, dèan liostaichean is tarraing ann am Paper gun duilgheadas is co-roinn gu OneNote ach an dèan thu a bharrachd, can obair còmhla ann an leabhar-nòtaichean co-roinnte, cur clàran fuaime ris is inntrigeadh na susbainte agad o cha mhòr uidheam sam bith.
Genius Scan
'S e sganair nad phòcaid a tha sa Genius Scan. Leigidh e leat tionndaidhean digiteach a dhèanamh de sgrìobhainnean pàipeir, faidhlichean PDF a chruthachadh 's an glèidheadh ann an OneNote sa bhad.
JotNot Scanner
Nì JotNot sganair iomadh-duilleige so-ghiùlain dhen iPhone agad. ’S urrainn dhut JotNot a cleachdadh gus sgrìobhainnean, cuidhteasan, bùird-gheala, cairtean-gnìomhachais is nòtaichean a sganadh ann am fòrmat dealanach. ’S urrainn dhut JotNot a chleachdadh còmhla ris an ùrlar OneNote aig Microsoft a-nis, mar sin ’s urrainn dhut na sganaichean agad a chur an òrdugh is lethbhreacan-glèidhidh dhiubh a dhèanamh leis a’ chunntas OneNote agad gu luath.
Livescribe 3 Smartpen
Le peann tapaidh Livescribe 3 agus an aplacaid Livescribe+, sgrìobh air pàipear agus chì thu mar a nochdas gach rud sa bhad air an inneal-làimhe agad far an urrainn dhut tagaichean a chur ris, lorg sna nòtaichean agad 's teacsa a dhèanamh dhiubh. 'S urrainn dhut a h-uile rud a chur gu OneNote ach an tèid na nòtaichean 's dealbhan a rinn thu le do làimh a chur ris an corr dhen fhiosrachadh chudromach agad.
Mod Notebooks
'S e leabhar-nòtaichean pàipeir a tha sa Mod a ghabhas inntrigeadh on neul. Gabh nòtaichean le peann is pàipear mar as àbhaist agus faigh tionndadh digiteach dhe na duilleagan agad an-asgaidh. Gabhaidh gach duilleag aig leabhar-nòtaichean coileanta a cho-shioncronachadh ri OneNote 's a' sàbhaladh gu buan.
NeatConnect
Nì NeatConnect sgrìobhainnean digiteach de thorran pàipeir agus cuiridh e gu OneNote iad sa bhad – às aonais coimpiutair. O sheòmar sam bith nad thaigh no bad sam bith san oifis, tha e furasta is luath sganadh gu OneNote leis an eadar-aghaidh sgrìn-shuathaidh aig NeatConnect agus e comasach air WiFi, rud a chaomhnas ùine dhut ’s a bheir rianachd agus dèanadas gu ìre fada nas àirde.
News360
'S e aplacaid naidheachdan pearsanta 's an-asgaidh a tha sa News360 a dh'ionnsaicheas dè tha a' còrdadh riut agus a dh'fhàsas nas glice nuair a chleachdas tu i. Le tuilleadh is 100,000+ tùsan, tha rudeigin inntinneach ri leughadh ann an-còmhnaidh agus 's urrainn dhut na sgeulachdan as fhearr leat a shàbhaladh gu OneNote sa bhad le gnogag air putan a-mhàin.
Nextgen Reader
Leughadair RSS glan sgiobalta luath airson Windows Phone. 'S urrainn dhut artaigealan a shàbhaladh uaithe gu OneNote a-nis. An dòchas gun dèan thu deagh-leughadh!
Office Lens
Tha Office Lens mar sganair nad phòcaid. Na caill nòtaichean air bòrd-geal no dubh a-rithist agus na lorg airson sgrìobhainnean no cairtean-gnìomhachais air am mì-chàradh, cuidhteasan a tha a dhìth no nòtaichean steigeach air an call tuilleadh! Le Office Lens, gabhaidh na dealbhan agad a leughadh ’s a’ cleachdadh a-rithist mar gum b’ e draoidheachd a bha ann. Glac susbaint gu OneNote sa bhad le bearradh ’s glanadh fèin-obrachail.
OneNote For AutoCAD
Bheir OneNote for AutoCAD comas dhut nòtaichean a chumail ri taobh nan tarraingean agad am broinn AutoCAD fhèin. Fàsaidh proifeiseantaich ailtireachd is einnseanaireachd air feadh an t-saoghail a chleachdas AutoCAD airson tarraingean 2D agus 3D a chruthachadh nas tarbhaiche leis. Thèid lethbhreacan-glèidhidh dhe na nòtaichean seo a chur dhan neul agus gheibhear greim orra uair sam bith. Chì cleachdaichean na nòtaichean seo an ath-thuras a dh’fhosglas iad an tarraing ann an AutoCAD.
OneNote Class Notebooks
Cum rian air na planaichean leasanan is susbaint chùrsaichean san leabhar-nòtaichean digiteach agad fhèin, le rum-obrach pearsanta ann do gach oileanach, leabhar-lann susbaint airson bileagan agus ionad co-obrachaidh airson leasanan is gnìomhachd chruthachail.
OneNote Web Clipper
Leigidh cliopair-lìn OneNote leat duilleagan-lìn a shàbhaladh on bhrabhsair agad gu na leabhraichean-nòtaichean OneNote agad. Na dèan ach briogadh gus rudan a ghlacadh gu luath ’s ach an cuimhnich thu a bharrachd nad bheatha.
Powerbot for Gmail
Sàbhail puist-d, còmhraidhean is ceanglachain chudromach ann an OneNote o eadar-aghaidh Gmail fhèin. Cha leig thu leas leum a ghearradh eadar aplacaidean tuilleadh.
WordPress
Sgrìobh na puist WordPress agad air uidheam no ùrlar sam bith, air loidhne no far loidhne, ann an OneNote agus ath-chleachd susbaint às na nòtaichean a tha agad.
Zapier
Is Zapier an dòigh as fhasa gus OneNote a cheangal ris na h-aplacaidean a chleachdas tu mu thràth, can Salesforce, Trello, Basecamp, Wufoo agus Twitter. Cleachd an aplacaid seo gus lethbhreacan-glèidhidh a dhèanamh de nòtaichean, clàran a chumail dhe na saothraichean a chaidh a choileanadh no gus luchd-aithne, dealbhan no làraichean-lìn ùra 's a bharrachd a shàbhaladh.