OneNote

Beachdan thugainn
Clàraich a-steach
  • Outlook.com
  • Daoine
  • Mìosachan
  • OneDrive
  • Word
  • Excel
  • PowerPoint
  • OneNote
  • Sway
  • Skype
  • Office
  • Flow

Dòighean airson OneNote a chleachdadh san sgoil

CRUTHAICH NÒTAICHEAN AIR LETH
DÈAN OBAIR CÒMHLA RI CARAIDEAN
CUIR CRÌOCH AIR D' OBAIR-DHACHAIGH NAS LUAITHE

Cruthaich nòtaichean air leth

Tog dealbhan de chlàran-geala

Glac na tha air bòrd-geal, sleamhnag no sgrìobhainn gu luath. Bearraidh OneNote dhut e 's cuiridh e air feabhas e airson 's gum bi e nas fhasa ri leughadh. Aithnichidh sinn teacsa a sgrìobh thu ann cuideachd ach an urrainn dhut lorg a dhèanamh air a shon às a dhèidh seo.

Dèan sgeidse no làmh-sgrìobhadh

Tarraing an diagram a tha air a' bhòrd le staidhleas. Sgrìobh na nòtaichean agad de làimh ma tha sin nas nàdarra dhut.

Clàraich fuaim

Na sgrìobh sìos an òraid facal air an fhacal, dìreach na rudan cudromach. Ceanglaidh OneNote na nòtaichean agad ris an fhuaim airson 's gun urrainn dhut leumaidh ris na chaidh a ràdh ann nuair a chruthaicheas tu nòta.

Cruthaich liostaichean de rudan a tha ri dhèanamh 's mòran a bharrachd

Chaidh OneNote a dhealbhadh airson gum biodh e luath is sùbailte do sgrìobhadh, liostaichean is clàran. Na gabh dragh mun cho-dhealbhachd, 's urrainn dhut sgrìobhadh àite sam bith air an duilleag.

Dèan obair còmhla ri caraidean

Co-roinn le duine sam bith

Ma tha am post-d aca agad, 's urrainn dhut a cho-roinneadh leotha. Tha e furasta toiseach-tòiseachaidh a dhèanamh.

Deasaich còmhla ann am fìor-àm

Ge b' ann san aon seòmar no ann an àitichean air feadh na h-àrainne, dèan co-obrachadh ann am fìor-àm. Aithnichidh tu air na comharran cò tha a' deasachadh dè.

Dèan obair o uidheam sam bith, àite sam bith

Sa chlas, nad sheòmar, ann an coimiutair-lann no bùth cofaidh, 's urrainn dhut co-obrachadh o àite sam bith air uidheam sam bith. Nì OneNote sioncronachadh gu fèin-obrachail airson gach rud a chlàradh dhut, fiù ma thèid cuideigin far loidhne.

Cuir crìoch air d' obair-dhachaigh nas luaithe

Dèan cliop dhen lìon

Tha rannsachadh-lìn air leth cudromach sa mhòrchuid de phròiseactan. Glac duilleag-lìn sam bith le aon bhriogadh sa bhrabhsair agad. Cuir nòtaichean ris an duilleag ann an OneNote.

Cuir nòtaichean ri sleamhnagan is sgrìobhainnean

Cum sleamhnagan is bileagan òraidean còmhla ris na nòtaichean agad. Cruthaich nòtaichean orra no ri an taobh 's tu a' taidhpeadh no a' sgrìobhadh ann le staidhleas.

Cuir rian air do smuaintean àite sam bith

Sgrìobh air dealbhan no duilleagan clò-bhuailte. Cleachd nòtaichean steigeach airson rian a chumail air do smuaintean. Cuir beachdan ann 's tu a' sgrìobhadh sna h-oirean.

Cum rian air cùisean is an sgoil

Sgioblachadh no càrnadh? An dà rud air OneNote. Cum rian air na nòtaichean is pròiseactan agad le leabhraichean-nòtaichean is earrannan. Faigh greim air teacsa a thaidhp thu, a bhearr thu no a sgrìobh thu.

Faigh OneNote saor an-asgaidh

OneNote

Saor dhan a h-uile oileanach
Luchdadh a-nuas saor an-asgaidh
Windows, Mac, iOS agus Android.
Nach eil thu cinnteach? Explore Sample Notebooks

OneNote le Office 365

Saor ann an sgoiltean àraidh
Feuch a bheil e ri fhaighinn
Faigh OneNote, Word, Excel agus PowerPoint air feadh nan uidheaman agad.
Atharraich an cànan
Prìobhaideachd ⁊ briosgaidean Nòtaichean laghail Comharran-malairt Prìobhaideachd slàinte luchd-caitheimh © 2025 Microsoft.com