Thèid an gleus
me@onenote a thoir air falbh sa Mhàrt 2025. Airson post-d Outlook a chur gu OneNote fhathast, cleachd an gleus
Cuir gu OneNote an àite sin.
Sàbhail puist-d gu OneNote
-
Sàbhail post-d sam bith gu OneNote ’s tu ga chur gu me@onenote.com.
-
-
Tagh an seòladh puist-d agad
Tagh na seòlaidhean puist-d a bu toil leat cleachdadh gus puist-d OneNote a shàbhaladh.
Suidhich post-d gu OneNote
-
Tagh an ceann-uidhe agad
Tagh an leabhar-nòtaichean ’s an earrann bhunaiteach far an tèid na puist-d agad a shàbhaladh.
-
Susbaint a’ phuist-d
Cuir post-d gu me@onenote.com gus a shàbhaladh ann an OneNote fhèin. ’S urrainn dhut na puist-d a shàbhail thu ann an OneNote inntrigeadh o fhear sam bith dhe na h-uidheaman agad.
-
Dearbhaidhean nan tursan
Tracaich na tursan a tha romhad ann an OneNote ’s tu a’ sìneadh air adhart puist-d dearbhaidh nan iteal ’s nan taighean-òsta.
-
Grad-nòta dhut fèin
Glèidh beachd no saothair airson uaireigin eile is sàbhail e gu OneNote.
-
Cuidhteasan
Sàbhail cuidhteasan nan ceannach air loidhne ach an cum thu rian orra ’s gun lorg thu iad gun duilgheadas.
-
Puist-d chudromach
Sàbhail post-d a bu toil leat tilleadh dha uaireigin eile o uidheam eile.
-
CÀBHA
-
An urrainn dhomh puist-d a chur o sheòladh puist-d nach eil na sheòladh Microsoft?
’S urrainn, ’s urrainn dhut seòladh puist-d sam bith a tha agadsa a chur ris a’ chunntas Microsoft ’s a chur an comas airson an fhearta seo.
-
Càit an tèid na puist-d agam a shàbhaladh?
’S urrainn dhut an t-ionad sàbhalaidh bunaiteach agad atharrachadh air
Duilleag nan roghainnean. ’S urrainn dhut cuideachd earrann eile a thaghadh gus post-d sònraichte a shàbhaladh ’s tu a’ briogadh air an t-samhla “@” a tha ga leantainn le ainm na h-earrainn ann an loidhne a’ chuspair aig a’ phost-d agad.