Smaoinich le inc

Sgrìobh nòtaichean de làimh, cuir nòtaichean ri sgrìobhainnean no dèan dealbh dhen bheachd-smuaint mhòr ud a bhuail ort. Bi cruthachail is pailteas innealan is èifeachdan ri do làimh ann. Sùbailteachd is cofhurtachd pinn is pàipeir a’ coinneachadh ri cumhachd ince dhigiteach.

Barrachd fiosrachaidh

Toinn air ais is ath-chluich

Gluais air ais is air adhart is chì thu gluasad nan smuaintean. Lìon susbaint ro làimh is nochd e ceum air cheum ach an urrainn dhut cudrom a chur air na tha cudromach. Cuir tìmeachadh gu làn-fheum.

Luchdaich a-nuas

Tha oileanaich nas fhearr le inc

Nuair a chuireas oileanaich peann digiteach ri pàipear biortail, thèid an sgòr ann an deuchainnean saidheans is cruthachalachd an àirde. Dè cho math ’s a bhiodh sgrìobhadh brosnachail as aonais deasg a tha a’ dol fodha le pàipear? Chaidh peann is pàipear innleachdadh is ath-innleachadh.

Dèan ionnsachadh nas luaithe le oide matamataig digiteach

Eadar matamataig bunasach is calcalas, iompaich na co-aontaran a sgrìobh thu a làimh na theacsa as urrainn dhut deasachadh. Gheibh thu an uairsin stiùireadh ceum air cheum a chumas taic riut ga fhuasgladh. Dìreach an comas ud a bha thu a’ miannachadh nad àireamhair o shean.

Luchdaich a-nuas

Tha inc ag obair air uidheam is ùrlar sam bith

Cum rian.

Dèan liostaichean no plana airson làithean-saora no sgeideal an latha. Tha e nas fhasa ’s nas luaithe leis an inc na bha e a-riamh na tha nad cheann a chur ri pàipear.

Luchdaich a-nuas

Dèan co-obrachadh sgairteil

Soillsich, cuir cudrom is cuir nòtaichean ris na tha cudromach ann am PDFaichean is sgrìobhainnean Office co-roinnte ann an OneNote. Cuir do bheachdan an cèill gu soilleir le cumhachdan na h-ince.

Luchdaich a-nuas

Dèan dealbh de do bheachd-smuaintean

Dèan dealbh dhe do bheachd-smuaintean a cheart cho luath ’s a chuireadh tu peann ri pàipear. Ma tha dealbh dheth nad cheann, is urrainn dhut dealbh dheth a dhèanamh.

Luchdaich a-nuas

Tha inc a’ brosnachadh foghlam

88%

Nì tidsearan teagasg nas fhearr *

50%

Sàbhailidh tidsearan ùine a’ comharradh phàipearan *

67%

Sàbhailidh tidsearan ùine ag ullachadh leasanan *